Advert Stiùiriche Cluiche, Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Sgoil-àraich Shiaboist .5 uair gach seachdain, tron teirm, 31/03/2027 £29,349 - £31,711 gach bliadhna, a’ gabhail a-steach £2,415 Cuibhreann Eileanan Iomallach gach bliadhna. Bidh an neach a shoirbhicheas a’ dealbh curraicealaim a bheir taic agus stiùireadh a thaobh ionnsachadh iomlan agus adhartas chloinne. Dealbhaidh agus cuiridh tu air dòigh seiseanan cluiche a bhios freagarrachd do dh’fheumalachdan gach pàiste. Gabhaidh tu àite a’ mhanaidseir nuair a bhios sin feumail. Bidh an obair a’ gabhail a-steach co-obrachadh leis a’ Mhanaidsear agus Prìomh-Luchd-obrach na Sgoil-àraich gus clàr-obrach làitheil, seachdaine agus teirmeil a chur air dòigh a tha freagarrach do ìre adhartais gach pàiste; a’ toirt bheachdan , a’ dèanamh mheasaidhean agus a’ clàradh fiosrachaidh mu chloinn agus gnìomhan cluiche gus dèanamh cìnnteach gu bheil iad a-rèir feumalachdan ionnsachaidh agus adhartais nam pàistean; a’ cumail chlàir de làthaireachd...